Skip to main content

Home
Site Search Box
About Us
SRSM Constitution
Contact Us
Press Releases
Workers Control
1320 Arbroath
English Translation
Gaelic Translation
Latin Translation
1638 Convenanters
1692 Glencoe
1707 Act of Union
Highland Clearances
1797 Insurrection
1820 Radicals
Robert Burns
Thomas Muir
John MacLean
APG - The Tartan Army
Willie MacRae
Archives Library
Articles Library
Memoriam
Events
Gallery 1
Song book
 
 

Declaration of ArbroathO Athair ro naomh an seirbhis Dhè ‘s ceannard mòr ro urramaicht’ le toil is cumhachd mhòrachd Dhè os cionn na h-Eaglais iomlan taght’; ar daoine uaisle saor le chèile, ceann cinnidh àrdaicht’ againn cruinnicht’, thaobh anam Alba bruidhinn treun airson rìoghachd gu lèir is aonaicht’. Mar mhic gu sochair tro’ linntean fad’ an Eaglais filia specialis, le pròis is irioslachd san Tì a chuir sar chomharra chùmhnant naomha oirnn; mar leanabh nighean àraidh roghnaicht’, seo sgrìobh sinn fhèin an ùmhlachd trom bhur mic gu bràth, an gealladh làidir an cràbhadh fior bhur casan ‘pògadh. Bhathas ‘tuigse, Thighearn Athair Naomh, tro’ uine fad’ measg muinntir mhòr bho Ghalile, Galatia, Gaul, Galicia nas gairge nan slògh borb’, gum bi ar laochan cliùiteach fior air saorsa grèim gu daingeann cumail; an togradh duibh cuir sinn fo riaghal -nach dànaich duin’ no dùthaich eil’, Fad mìltean bliadhna cruaidhe trom an aghaidh Bhreatannach, Lochlann’s eile, ar n-athraichean air strì ar tìr a chumail an saors’ bho Shasainn sanntach glacail; a-nis am fianais le eachdair’ sean, an-diugh nar seasamh nar fir sìorraidh, bha againn ceud is tìr rìghrean deug gun coigrich breugach air ar rìoghachd. Tro’ linntean dh’fhàs ar rìoghachd ‘s ar daoine beannaicht’ len athraiche naomha gu lèir mar chlann gu sònraicht’ bhràthair Phàdraig le mòran càirdeis, bàidhealachd is sochair, fo dhìon Anndra an sìth a’ còmhnaidh -gus Eideard ann an càirdeas breugach gu grad rinn cogadh garg nar n-aghaidh ‘s fear cruaidh gar cur fo èiginn brònach. Chan urrain dhaibh na h-uilc a thuigsinn nach fhaca marbhadh agus ainneart ach iadsan dh’fhuiling on Rìgh neo-airidh am mulad dubh, am bàs cho tosdach, na h-eaglaisean, abaidean uile, air sgrios am marbhadh brùideil borb gun chiall, nach seachainn bodach, bean no leanabh, gun urram air na sagairtean bàidheil. Rinn Raibeart treun ar Prionnsa gaisgeil stri mhòr mar Iudas Maccabeus, a chur ar cùl bruadaran Shasainn le aintighearn a chaoidh nar riaghladh; tro’ bhliadhna trom, chridh’ treun a’ cumail gu maireann, fad cruaidh chunnart’ mòr a’ dìon le sgiath nas cinntich fìor a mhuinntir sheas air taobh na h-oighreachd. Chuir sinn air àirde Rìgh na taghadh, fear glèidhidh treun air saorsa Alba, a rugadh ‘na rìgh is ‘na dhuine fiùthail, airson sin tha sinne deas ri sabaid. Ma strìochdas e anfhann gar trèigsinn, sin bitheamaid grad ‘n Righ ud a dhiùltadh, ma ghèilleas e fhèin ri seirbhis Shasainn, ‘n sin Rìgh nas fheàrr bidh sinn a’ taghadh. Chan fheum sinn dearbhadh a-rithist an glòirbhinn mhòr an sgeulachd Alba, cha chuir sinn earbs’ an airgead mealltach, chan iarr sinn ràiteachas gun fhiù, cha bhi sinn gu dìlinn a’ gèilleadh fo thràillealachd ìsle Shasainn amh, cho fad’s a mhaireas ceud a-mhàin glèidhidh sinn gu treun ar saors’ gu bràth. Aon lagh air Iùdhach is Greugach a-mahàin mar sin an Alba ‘s Sasann cuideachd, bidh an Tì as àirde toirt a bhreitheanais air uilc fad bliadhn’ dorcha dòrainneach. A Thighearn, tha sinn ag achanaich, cuir stad air sannt Rìgh ud na h-uile Sasuinn a tha leis an talamh nas mò ‘na fheum far an d’fhuair seachd Rìghrean sàsachd. Is sinne an còmhnaidh nar dùithacih bhig, chan iarr sinn ach rudan is leinn fhèin, sin innis dha leig dhuinn bhith ciùin, ar sìth a ghealladh tha sinn deònach. Chan urrain dhuibh gu dearbh seachnadh bhur dleasnas soilleir, Athair as naomha, mus fhaic am pàganach peacach Eaglais ‘s a h-ainm dol sìos am masladh grànda. Sin Cronaich Rìghrean an leisgeil bhreugaich nach urrain dhaibh Tir Naomh a’ chuideach, a chionn a’ chogaidh an aghaidh nàbaidh, ‘s iad trang aig creachadh an coimhnearsnach; is aithne do Dhia a leugh an cridhe -gun eallach Eideard, bhitheamaid deas le aoibhneas saorsa thoirt don Tìr, ‘s an làthair Eaglais bheir sinn gealladh. Nis deanamaid ùmhlachd duhibh mar mhic is a bhith taitneach daonnan d’ur toil, ach seasamh an seo am fianais ar Dia is feumaidh sinn ar comhairle fhoillseach -na gabh gun dearchadh fascal Shasainn, na cuir ann bhur muinighin neochiontach, neo-chùramach na dèan ar tilgeadh an cogadh dòrainneach brònach fuileach. Gach olc a chuireadh iadsan oirnne, am mulad ceudna ‘s e an dìoghladh leinne, a Dhè as Àirde, na cionta sin cho uabharr, dona, fo chùnntas cuir-sa; bithidh sgrios gu lèir air àitibh uile, ma chumas sibhse bhur taic ri Sasainn an casgradh diabhlaidh air corp is anam aig airseirigh feumaidh sibh am freagradh. Do chathair Dhè bheir sinn ar cùis air beulaibh an Rìgh ro Mhòr ar breitheamh; ar n-inntinn uaith ri fòirneart a’ cathadh an ainm Dhè is earbsa Chrìosd, gu robh ar Dia a’ deònach dhuinn a’ mhisneach làidir treun is seasmhach, gun cumadh sinn ar cinneach saor ‘s gu’n còpadh sinn aintighearnas daingeann. Gu maireadh sibh an seirbhis Eaglais a’ bhliadhna 1320 beannaicht’; bho Obair-bhrothaig Giblean sèathamh an còigeamh bliadhn’ deug an Rìgh roimh-ainmicht’.

 
 
 
Arbroath Abbey
Arbroath Abbey